Iosa ’s a’ Chlann 13 Bha feadhainn a’ toirt clann bheag thuige gus an cuireadh e a làmhan orra, ach chronaich na *deisciobail iad. 14Nuair a chunnaic Iosa seo, dh’fhàs e feargach ‘s thuirt e, “Leigibh leis a’ chloinn tighinn thugam ‘s na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhan leithid-san a bhuineas rìoghachd Dhè. 15 Gu cinnteach tha mise ag ràdh ruibh, mura gabh duine ri riòghachd Dhè ann an spiorad an leinibh bhig, cha tèid e a-steach innte gu bràth.” 16 Ghabh e a’ chlann na ghàirdeanan, chuir e a làmhan orra, agus bheannaich e iad.